Timcheall an làrach

Thog clann-sgoile agus luchd-cuidichidh na togalaichean gu lèir aig Pròiseact na h-Àirigh agus tha sinn gu math toilichte leotha. Tha seòmar clas mór againn a tha math airson a bhith ag ithe ar biadh còmhla; airson tachartasan, làithean-ciùird agus airson cumail air falbh bho ’n uisge is na meanbh-chuileagan! (Feumaidh sinn faighinn a mach dè am feum a tha meanch-chuileagan a dèanamh, ma tha feum idir!) Tha cidsean sònraichte againn cuideachd far an cuidich sibhse sinn am biadh a’ dheasachadh air fad. Tha taighean beaga compost brèagha agus glan againn le àiteachan airson làmhan a’ ghlanadh.

Ann an 2018 chrìochnaich sinn pròiseact a’ thug trì bliadhna airson bothain-àirigh ùr a thogail air an làrach againn. Bha iad air an dealbhachadh, air an togail agus an cur còmhla le Northwoods Construction bho Ulapul. Tha sia bothain còmhdaichte le stàilinn againn, le trì leapannan-bunca anns gach bothan. Tha seo a’ toirt dhuibh àite fuirich fasgach, sìmplidh agus bòidheach airson ur turas. Fhuair sinn beachd-smuainean airson na bothain againn bho a’ bhith coimhead air bothain tiona, taighean, sgoiltean agus eaglaisean air feadh na Gàidhealtachd . Tha na bothain-àirigh seo air an toirt a-staigh dhan an latha an diugh le uinneagan mòra a tha a’ coimhead gu Deas airson teas fhaighinn bhon ghrèin. Chleachd sinn cuideachd fiodh ionadail, agus nach iad tha coimhead spaideil! Tha sinn an dòchas gun còrd iad ribh cheart cho mòr ’s a tha iad a còrdadh rinn.

Tha cuid dhen luchd-obrach, agus na beathaichean air fad, a’ fuireach air an làrach na h-Àirigh. Tha bùth-obrach, bàthaich agus an taigh-bainne againn fhèin againn cuideachd. The meudachd 10 acraichean talmhainn ceangailte ri Pròiseact na h-Àirigh, ach bidh sinn cuideachd gu tric a’ falbh suas dhan ghleann mòr a tha faisg oirnn airson tuilleadh rannaschadh a dheanamh.

  • 07584855846
  • Dunmaglass, Struy, Beauly, Inverness-shire, IV4 7JX

Tachartasan ri thighinn

There are no upcoming events.

Clàraich airson an cuairt-litir

We use the donation system ‘Stripe’ as used by GoFundMe – you can find out more about this here

Photos by the Shieling Project, Mhairi Baird, George Logan and David Powell