Summerlings- Sgoil-àraich a-muigh aig An Àirigh

’S e sgoil-àraich a th’ ann an Summerlings airson clann a tha 3-5 bliadhna a dh’ aois. Tha e stèidhichte aig an làrach fhèin. Le bhith cluich a-muigh, bidh a chlann ag ionnsachadh a’ bhith làidir nan corp ’s nan inntinn agus a’ fàs misneachail agus cofhurtail a-muigh.  Bidh daimh làidir leis an fhearann air a’ chruthachadh airson na cloinne troimh’  na tha sinn a’ dèanamh anns na làithean spòrsail.  Bidh saorsa aca ann an àite fa-leth airson fealla-dha, agus gheibh iad brosnachadh airson a’ bhith cho cruthachail ’s a ghabhas.

 Ma tha sibh airson tuilleadh fiosrachadh fhaighinn, cuir fios thugainn agus an uairsin dèan tadhail oirnn.

Bidh sinn a’ brosnachadh beatha seasmhach, a’ ceangal am fearann le beatha làitheil. Bidh na clann air an teagasg mu a’ bhith beò gu fallainn ann an àrainneanach a tha sàbhailte, agus a tha a’ faireachdainn toilichte.

Tron teirm sgoile:

  • Fosgailte 3 làithean gach seachdainn (Diciadain gu Dihaoine)
  • 9m gu 3f
  • Fàgaibh na clann agaibh aig deireadh an rathad, far an coinnich sinn iad aig a Bhothan Fàilteach aig 8.35m

Tha na tursan againn dha ’n làrach spòrsail, bidh sinn a’ cleachdadh baidhseagalan agus a’ coiseachd. Bidh sinn a-muigh airson a mhòr chuid dhe ’n ùine, ach bidh sinn cuideachd a’ cleachdadh na toglaichean simplidh a tha againn air làrach na h-Àirigh. Bidh sinn a’ cleachdadh An Talla airson fàgail na bagaichean againn agus airson goireasan ionnsachaidh a’ chumail. Bidh sinn a’ cleachdadh Am Bothan Bidhe airson biadh a’ dheasachadh. Tha am biadh a’ bhios sinn ag ithe organach agus bho àitean ionadail. Cosgaidh lòn £2.30 gach làtha.

Prìs: £24 gach latha (gheibh sibh na h-uairean airson cùram chloinne a’ chomhairle aig Summerlings)

Bidh sinn faighneachd airson £50 gach mìos airson cosgais ballrachd, tha seo a’ toirt taic mhòr dha ’n a phròiseact. Tha tuilleadh fiosrachadh mu dheidhinn a chosgais roghainneil seo ri fhaighinn anns an leabhar-làimhe againn.

Cuir fios gu karen@theshielingproject.org.

Airson àite a’ ghlèidheadh, cliog an seo

  • 07584855846
  • Dunmaglass, Struy, Beauly, Inverness-shire, IV4 7JX

Tachartasan ri thighinn

There are no upcoming events.

Clàraich airson an cuairt-litir

We use the donation system ‘Stripe’ as used by GoFundMe – you can find out more about this here

Photos by the Shieling Project, Mhairi Baird, George Logan and David Powell