Na Beathaichean

Aig  Pròiseact na h-Àirigh tha Crodh Shealtainneach againn agus mucan Oxford, Sandy is Black. Seo da sheòrsa bheathaichean mi–chumanta agus tha sinn air leth thoilichte dhuibh cothrom a’ ghabhail am biathadh, an toirt gu feurach, a’ bhith gam bleoghainn (anns an raith cheart) agus a’ dèanamh biadh math agus fallainn.

’S e cothrom math a th’ ann air turas dhan phròiseact pàirt a ghabhail ann an croitearachd; ag ionnsachadh seann chleachdaidhean agus a’ beachdachadh air an àm theachd. Tha sinn a’ cruthachadh an taigh–bhainne as lugha ann an Alba, is bu chòir seo a’ bhith deiseil ann an 2018. Tha sinn a coimhead air–adhart gu mòr dhan an reòiteag!

Tha cearcan againn cuideachd agus da chù laghach– Aspen agus Kelpie.

  • 07584855846
  • Dunmaglass, Struy, Beauly, Inverness-shire, IV4 7JX

Tachartasan ri thighinn

There are no upcoming events.

Clàraich airson an cuairt-litir

We use the donation system ‘Stripe’ as used by GoFundMe – you can find out more about this here

Photos by the Shieling Project, Mhairi Baird, George Logan and David Powell