Làithean-saora Chiùird

Thigibh airson rudeigin àlainn a’ dhèanamh dhuibh fhèin aig An Àirigh! Togaidh sibh balla- sgrathan, nì sibh basgaid bho geugan sheilich, neo an reòiteag agaibh fhèin anns an taigh- bhainne. Bidh sibh ag obair còmhla ri luchd-ciùird sgileil, agus falbhaidh sibh le na sgilean ùr agaibh fhèin.

Gabhaibh air ur socair aig deireadh latha obrach, is fairich riaraichte, toilichte agus fallainn. Tha gach goireas, an àite-fuirich agus am biadh òrganach agus ionadail mar phàirt de ’n chosgais de ’n phrògram.

Neach-ciuird:

Bidh Karen Collins bho Naturally Useful a’ tilleadh am bliadhna airson teagasg mar a nì thu basgaid bhrèagha.

Posted by Naturally Useful on Monday, April 16, 2018

 

Prògram 2019:

Am bliadhna bidh sinn a’ dèanamh basgaidean seileach, a’ dathadh clòimh le lusan fiadhain, a’ togail balla sgrathan, a’ dèanamh spàintean agus a’ dèanamh maidean-teine. Bidh cothrom agad na sgilean seo ionnsachadh tro an latha, agus an uairsin bidh cothrom agad cumail a’ dol- le cuideachadh- airson an còir dhe ’n t-seachdainn. Ma tha ruideigin a’ còrdadh riut gu mór, mar eisimpleir a’ dèanamh basgaidean, ’s urrainn dhut sinn a’ dhèanamh airson an t-seachdainn air fad. Tòisichidh sinn mun chuairt 9.30 ’s a mhadainn agus an uairsin ’s am feasgar bidh àm agaibh airson cuairtean, fois a’ ghabhail air neo cumail a’ dol
a’ cruthachadh.

 

 

Aite-Fuirich:

Ann an 2018 chrìochnaich sinn pròiseact a’ thug trì bliadhna airson bothain-àirigh ùr a thogail air an làrach againn. Bha iad air an dealbhachadh, air an togail agus an cur còmhla le Northwoods Construction bho Ulapul. Tha sia bothain còmhdaichte le stàilinn againn, le trì leapannan-bunca anns gach bothan. Tha seo a’ toirt dhuibh àite fuirich fasgach, sìmplidh agus bòidheach airson ur turas. Fhuair sinn beachd-smuainean airson na bothain againn bho a’ bhith coimhead air bothain tiona, taighean, sgoiltean agus eaglaisean air feadh na Gàidhealtachd . Tha na bothain-àirigh seo air an toirt a-staigh dhan an latha an diugh le uinneagan mòra a tha a’ coimhead gu Deas airson teas fhaighinn bhon ghrèin. Chleachd sinn cuideachd fiodh ionadail, agus nach iad tha coimhead spaideil! Tha sinn an dòchas gun còrd iad ribh cheart cho mòr ’s a tha iad a còrdadh rinn.

 

 

A’ togail nam bothain aig An Àirigh air vimeo. Air am putan Clàraich an Dràsta ’s urrainn dhut clàradh, pàigheadh agus faicinn liosta dhe na gnothaichean a tha feumail thoirt còmhla riut.

Ann an 2019 bidh an Campa Ciùird againn bho Didòmhnaich 31mh dhe ’n t-òg mhìos gu Dihaoine an 5mh dhe ’n t-Iuchar. Cosgaidh seo £350 gach duine. ’S urrainn dhut clàradh an dràsta.

  • 07584855846
  • Dunmaglass, Struy, Beauly, Inverness-shire, IV4 7JX

Tachartasan ri thighinn

There are no upcoming events.

Clàraich airson an cuairt-litir

We use the donation system ‘Stripe’ as used by GoFundMe – you can find out more about this here

Photos by the Shieling Project, Mhairi Baird, George Logan and David Powell