Dualchas na h-Àirigh

De th’ann an Àirigh?

Airson ceudan de bhliadhnaichean bhiodh daoine anns a Ghaidhealtachd ’s na h-Eileanan a’ togail bheathaichean suas do dh’àirighean agus mhonaidhean airson feurach math fhaighinn ann am mìosan ghrinn an t-samhraidh. Bhiodh iad a’ cur seachad an ùine a’ coimhead as dèidh a’ chruidh, a’ snìomh, a’ fighe, a’ dèanamh ìm is caise agus a’ cruinneachadh fraoch, mòine agus lusan fiadhaich. ’S e am shònraichte a bha seo ann am beatha an òigridh gu h-àraid, agus chumadh iad suas seann chleachdaidhean a leithid seinn còmhla, agus ag èisteachd ri sgeulachdan. Bha àite sònraichte aig àirighean ann am beatha nan Gaidheal. Bha e prìseil dhaibh nan cridhe ‘s nan cuimhne.

old shieling pics

Sealladh air an saoghal a dh’fhalbh

’S e miann Pròiseact na h-Àirigh tuilleadh ionnsachadh mu dheidhinn an dualchas seo. Tha sinn air cladhach àrc-eòlais a’ dhèanamh faisg oirnn aig Àirigh Allt Moraig. Lorg sinn 27 làraich seann toglaichean an sin, agus rannsaich sinn a dhà dhiubh gu tur. Tha sinn cuideachd a’ togail sgeulachdan mu bheatha anns na h-àirighean bho air feadh Alba gu lèir, ach gu h-àraid anns an sgìre ionadail againn fhèin. Tha sinn an dòchas tuilleadh cladhach àrc-eòlais agus rannsachadh eachdraidheil a’ dhèanamh agus airson an sgoilearachd sin a cheangal gu practaigeach le na tha sinn fhèin a’ dèanamh anns na làithean seo le bhith feurach agus a’ bleoghainn an crodh tha sinn ag àrach.
IMG_2299

Tuilleadh fiosrachadh mu Àirighean

Gu Simplidh:

  • Àite feurach airson an t-samhraidh shuas anns na monaidhean agus na glinn, air falbh bho talamh fàsmhor
  • Àite-còmhnaidh airson an t-samhradh, togalach beag cloiche is sgrathan
  • Pàirt laghail dhen fhearann agus còraichean na cruite
  • Dòigh beatha ar sinnsearan, air a’ chuimhneachadh troimh’ òrain, sgeulachdan agus beul-aithris.

Tron bhliadhna bhiodh na teaghlaichean a’ fuireach air an talamh ìseal, a’ gluasad suas dhan talamh àrd aig toiseach an t-samhraidh. Bhiodh iad a’ fuireach anns na h-àirighean uaireannan son sia seachdainnean agus aig amannan eile son ceithir seachdainean deug. Anns a chumantas bhiodh iad a’ fuireach unnta son naoi neo deich a sheachdainean.

Bhiodh an imrich a’ tòiseachadh sa Chèitean neo tràth san Ògmhios, nuair a ghluaiseadh muinntir a chlachain gu lèir suas còmhla. Bheireadh na teaghlaichean leotha gach inneal is goireas a bha feumail dhaibh, agus b’e na h-àirighean a chàradh a chiad rud a dhèanamh iad às dèidh droch shìde a’ gheamhraidh.

Thilleadh na fir an uairsin sìos dhan talamh ìseal airson obair fearainn an t-samhraidh a dhèanamh – a’ càradh agus a’ tughadh nan taighean, a’ cumail sùil air a’ bhàrr agus a’ buain agus a’ togail na mòine. Dh’fhuiricheadh na mnathan agus a’ chlann shuas air na h-àirighean airson an t-samhraidh, a’ buachailleachd a chruidh airson dèanamh cinnteach gun faigheadh iad an t-ionaltradh a b’fheàrr, gam bleoghainn agus a’ dèanamh ìm is càise.

Tha na h-iomraidhean a th’againn bhon àm sin a’ toirt dhuinn dealbh gun robh na daoine faireachdainn gun robh iad air “làithean-saora”. Gun robh iad toilichte agus gan ùrachadh fhèin, saor bho cudthroman àbhaisteach. Tha na h-òrain Gàidhlig fhèin on àm sin a’ togail fianais air an t-saorsa agus an toileachas sin.

Earrann bhon roimh-ràdh leis an t-Ollamh Uisdean Cheape, Sabhal Mòr Ostaig, Pròiseact na h-Àirigh, 1d den t-Samhain 2014.

  • 07584855846
  • Dunmaglass, Struy, Beauly, Inverness-shire, IV4 7JX

Tachartasan ri thighinn

There are no upcoming events.

Clàraich airson an cuairt-litir