Cùrsaichean Trèanaidh

Tha Pròiseact na h-Àirigh a’ tairgsinn àithneachadh proifeiseanta airson luchd-teagaisg bho Chomhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (GTCS) ann an Ionnsachadh airson Seasmhachd. Tha sinn an dòchas tuilleadh cùrsaichean-goirid airson luchd-teagaisg a’ leasachadh thairis am bliadhna ann an 2019.

Tha ar sgoil ann an suidheachadh àlainn. Tha sinn air ar cuartachadh le àirighean. ’S urrainn dhuinn a’ bhith a-muigh a’ sgrìobhadh, a’ dèanamh dràma neo matamataig, agus bidh sinn a’ dèanamh ceanglaichean le croitearachd ann an dòigh a tha gu math iomchaidh. Tha an cùrsa seo air toirt orm beachdachadh air mar as urrainn dhuinn a’ bhith a-muigh mar ghoireas ionnsachaidh. Tha sinn uaireannan buailteach air a’ bhith fada ro theann agus minàdurra nuair a bhios sinn a’ teagasg.” Ceannard bho Sgoil Ionadail

Ann an 2014, b’e Pròiseact na h-Àirigh a’ chiad bhuidheann a fhuair cead airson am prògram ìre Mhaighstireachd Fad Bliadhna a thabhann. ’S ann tro bhùitean-obrach agus còmhradh leantainneach san sgoil agaibh a bhios sinn a’ cuideachadh luchd-teagaisg gus am fàs iad air leth chomasach ann an Ionnsachadh Sheasmhachd. Feumaidh sibh ceithir deireadh-seachdainean a chuir seachad còmhla rinn aig An Àirigh, le biadh agus àite-fuirich na lùib.

Tha na luchd-teagaisg air an eòlas aca a’ thaisbeanadh aig ìre nàiseanta. Tha iad a’ cruthachadh pròiseactan iongantach ’s na sgoiltean aca, a bhios a’ toirt sùil gheur air comasan sgrìobhaidh, seasmhachd ’s a choimhearsnachd agus Gàidhlig air an fhearann. Tha am prògram seo a’ tabhann duais chòig-bhliadhnail bho Chomhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba. Gheibh luchd-teagaisg creideasan ionnsachaidh air a’ cheum Mhaighstireachd ann am Foghlam aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

  • 07584855846
  • Dunmaglass, Struy, Beauly, Inverness-shire, IV4 7JX

Tachartasan ri thighinn

There are no upcoming events.

Clàraich airson an cuairt-litir

We use the donation system ‘Stripe’