Cùrsaichean-Còmhnaidh a-muigh anns a Ghàidhealtachd

Tha làrach sònraichte againn aig Pròiseact na h-Àirigh airson sgoiltean, far am faigh sibh cothrom ionnsachadh mu dheidhinn beatha a-muigh. Faodaidh sibh tadhal oirnn le suas gu 33 sgoilear bho bhun-sgoiltean no àrd-sgoiltean. Faodaidh sibh cèilidh oirnn airson dìreach aon latha no airson grunn làithean suas gu còig, le prìsean a toiseachadh aig £50 airson gach neach.

Thèid aig na cùrsaichean-còmhnaidh aig An Àirigh cheangal ri pròiseactan-sgoile. Faodaidh sibh an làrach-lìn againne a chleachdadh airson goireasan-ionnsachaidh didseatach fhaighinn. Ron an turas agaibh, agus as dèidh dhuibh a bhith còmhla leinn, bidh leabhraichean-latha, dealbhan agus goireasan eile ri fhaighinn air an duilleag-lìn ’An Àirigh Agam’. Bidh dlùth-cheangal eadar na dh’ionnsaicheas sibh aig Pròiseact na h-Àrigh agus cuspairean sgoile leithid Eachdraidh, Cruinn Eòlas, Cànan agus Iomairt, Leasachadh So-Sheasmhach, Slàinte agus Saoranachd na Cruinne.

Obraichidh sinn còmhla ribh airson ceangal mionaideach a dheanamh eadar na bhitheas sibh ag ionnsachadh aig ’An Airigh’ agus am plana-curraicealam agus na cuspairean-sgoile agaibh. Agus nì sinn cinnteachd gum bith e cho spòrsail ’s a ghabhas!

 

Bidh sinn a’ toirt sùil air ais chun an àm nuair a bhiodh daoine agus an cuid bheathaichean a gluasad gach Samhradh suas chun na h-Àirighean, far am biodh iad a’ dèanamh ìm agus càise agus a’ fuireach ann am bothain gu àm an fhoghair. ’S urrainn dhuinn an t-uabhas ionnsachadh mu dheidhinn ar dualchas agus ar dùthchas bhon a’ bhith coimhead air dòighean beatha a bha aig daoine òga anns na seann làithean. Bidh sinn a’ beachdachadh air dè ’s urrainn dhuinn ionnsachadh bho cuid de na dòighean sin anns an latha an-diugh. Thigibh is ionnsaichibh mòine a’ bhuain, bothain a’ thogail, agus clòimh a’ dhathadh, fhighe agus a’ luadh. Ionnsachaidh sibh cuideachd mu ainmean an àite, agus nì sinn bàrdachd is gabhaidh sinn òran neo dhà. Nì sinn sgrùdadh air na lusan is air na craobhan. Nì sinn cuideachd ìm agus càise, agus ’s docha gum faigh sibh cothrom bò a’ bhleoghainn! ’S e fìor dheagh làrach a th’ againn aig Pròiseact na h-Àirigh airson seann dòighean-beatha ionnsachadh, agus airson beachdachadh air mar a ghabhas na seann chleachdaidhean sin ath-nuadhachadh mar phàirt dhen oidhirp saoghal so-sheasmhach a thogail an-diugh agus anns an àm ri thighinn.


Tuilleadh fiosrachadh mu dheidhinn Eachdraidh nan Àirighean, Dè bheireas sibh leibh?, Biadh, agus na chì sibh aig Làrach na h-Àirigh

Cuiribh fios gu Sam airson prìsean agus àite a’ chlàradh.
  • 07584855846
  • Dunmaglass, Struy, Beauly, Inverness-shire, IV4 7JX

Tachartasan ri thighinn

There are no upcoming events.

Clàraich airson an cuairt-litir

We use the donation system ‘Stripe’ as used by GoFundMe – you can find out more about this here

Photos by the Shieling Project, Mhairi Baird, George Logan and David Powell