Campa Teaghlaich

Thoir na teaghlaichean agaibh leibh gu Gleann Srath Farair agus leigibh leinn an cumail trang, fhad ’s a ghabhas sibhse air ur socair! ’S docha gun b’ fheàrr leibh gun càil ’s am bith a’ dhèanamh, neo falbh air cuairt, basgaid a’ dhèanamh, neo còcaireachd aran anns an àmhainn againn a-muigh. Bidh gu leòr cothroman agaibh sibh fhèin a chumail trang, co-dhiù!

Bidh cothrom aig a chlann lusan fiadhain a’ rùrach, coimhead às dèidh na beathaichean againn agus fàs eòlach air an àrainneachd a tha mun cuairt orra. Thig sinn cruinn còmhla air an fheasgair mun chuairt an teine agus innsidh sinn sgeulachdan mun latha a bh’ againn.

 

 

Prògram 2019:

Am-bliadhna bidh sinn a’ fighe basgaid, dathadh clòimhe le stuth nàdarra (a’ cleachdadh lusan), a’ togail sgrathan, a’ dol air cuairtean nàdair, a’ deanamh dràma, a bharrachd air a bhith a’ dèanamh do mhaide-theine fhèin. Nì sinn mòran de na rudan seo tron an làtha (bi buidheann ann de chloinne òg, buidheann chloinne nas sine agus buidheann airson na h-inbhich a tha airson pairt a’ ghabhail). Bidh sinn a’ cruthachadh rudan eadar 10m agus 3f. Bho 3f gu 5f bidh sinn faighneachd oirbh a’ thighinn air ais còmhla mar theaghlach airson fois, cuairt a’ ghabhail neo cùm oirbh a’ cruthachadh. Tron fheasgar bidh aon theaghlach a’ cuideachadh le bhith a’ còcaireachd agus a’ glanadh agus bidh barrachd ghnìomhan ann tron oidhche. Tha an campa air a ruith ann an dòigh socair agus neo-fhoirmeil, mar sin ma tha rudeigin a tha thu airson a dhèanamh, chan fheum thu ach faighneachd!

 

 

 

  Aite-Fuirich:

Ann an 2018 chrìochnaich sinn pròiseact a’ thug trì bliadhna airson bothain-àirigh ùr a thogail air an làrach againn. Bha iad air an dealbhachadh, air an togail agus an cur còmhla le Northwoods Construction bho Ulapul. Tha sia bothain còmhdaichte le stàilinn againn, le trì leapannan-bunca anns gach bothan. Tha seo a’ toirt dhuibh àite fuirich fasgach, sìmplidh agus bòidheach airson ur turas. Fhuair sinn beachd-smuainean airson na bothain againn bho a’ bhith coimhead air bothain tiona, taighean, sgoiltean agus eaglaisean air feadh na Gàidhealtachd . Tha na bothain-àirigh seo air an toirt a-staigh dhan an latha an diugh le uinneagan mòra a tha a’ coimhead gu Deas airson teas fhaighinn bhon ghrèin. Chleachd sinn cuideachd fiodh ionadail, agus nach iad tha coimhead spaideil! Tha sinn an dòchas gun còrd iad ribh cheart cho mòr ’s a tha iad a còrdadh rinn.

 

 

A’ togail nam bothain aig An Àirigh air vimeo .Air am putan Clàraich an Dràsta ’s urrainn dhut clàradh, pàigheadh agus faicinn liosta dhe na gnothaichean a tha feumail thoirt còmhla riut.

Ann an 2019 bi dà champa againn bho Didòmhnaich an 28mh dhe ’n t-Iuchair gu Dihaoine an 2rna dhe ’n Lùnasdal, agus bho Didòmhnaich an 4mh gu Dihaoine an 9mh dhe’n Lùnasdal. Tha seo a cosg £800 airson gach bothan (Tha sia leapannan anns gach bothan). ’S mar sin tha seo a cosg faisg air £130 gach duine airson seachdainn a tha dìreach sgoinneil!

Tapadh leibh a’ rithist airson na laithean-saora teaghlaich. Bha seo aig àm dìreach ceart dhuinn, agus bha e ath-ùrachadail a bhith ann an àite le daoine eile colach rinn fhèin. Chaidh brosnachadh a thoirt dhuinn atharraichean a’ dheanamh air mar a tha sinn beò agus ag ithe, agus tha sinn an dòchas cearcan/tunnagan a’ chumail a-nis. – Teaghlach bho Campa Teaghlaich 2018.

  • 07584855846
  • Dunmaglass, Struy, Beauly, Inverness-shire, IV4 7JX

Tachartasan ri thighinn

There are no upcoming events.

Clàraich airson an cuairt-litir

We use the donation system ‘Stripe’ as used by GoFundMe – you can find out more about this here

Photos by the Shieling Project, Mhairi Baird, George Logan and David Powell