Campa shamhraidh

Dol suas nan cnuic, a’ togail fasgadh, a’ còcaireachd biadh, a’ coimhead as deidh bheathaichean, a’ dèanamh bhasgaidean – seo na bhitheas na clann a’ dèanamh fhad ’s a’ ghabhas sibhse, pàrantan, air ur socair aig an taigh.

’S e campa fad seachdain a tha seo, far am bith mòran spòrs aig a chlann, agus far am fàs iad misneachail air falbh bhon taigh. Tha sàr eòlas aig an sgioba againn ann an foghlam a-muigh; bidh a’ chlann air leth sàbhailte. Bidh iad làn sgeulachdan a’ tilleadh dhachaigh: agus bidh iad cuideachd còmhdaichte ann am poll!

Aite-Fuirich:

Ann an 2018 chrìochnaich sinn pròiseact a’ thug trì bliadhna airson bothain-àirigh ùr a thogail air an làrach againn. Bha iad air an dealbhachadh, air an togail agus an cur còmhla le Northwoods Construction bho Ulapul. Tha sia bothain còmhdaichte le stàilinn againn, le trì leapannan-bunca anns gach bothan. Tha seo a’ toirt dhuibh àite fuirich fasgach, sìmplidh agus bòidheach airson ur turas. Fhuair sinn beachd-smuainean airson na bothain againn bho a’ bhith coimhead air bothain tiona, taighean, sgoiltean agus eaglaisean air feadh na Gàidhealtachd . Tha na bothain-àirigh seo air an toirt a-staigh dhan an latha an diugh le uinneagan mòra a tha a’ coimhead gu Deas airson teas fhaighinn bhon ghrèin. Chleachd sinn cuideachd fiodh ionadail, agus nach iad tha coimhead spaideil! Tha sinn an dòchas gun còrd iad ribh cheart cho mòr ’s a tha iad a còrdadh rinn.

 

 

Tha seo a cosg £250 gach duine, le prìsean nas ìsle airson bràthraichean agus peathraichean. Bidh a phrìs seo a’ còmhdachadh a h–uile sian: am biadh, aite–fuirich, agus bidh sinn a’ coimhead as deidh a chlann airson 24 uairean a h–uile latha. Ann an 2019 bidh na campaichean samhraidh againn bho Didòmhnaich an 7mh gu Dihaoine an 12mh  dhe ’n t– Iuchar agus Didòmhnaich an 14mh gu Dihaoine an 19mh  dhe ’n t–Iuchar.  Fagaibh agus togaibh na clann aig 5f.

’S urrainn dhut clàradh airson seo an dràsta! (Bidh campaichean againn cuideachd ann an 2020)

“Cha do stad mo mhac a’ bruidhinn air a’ champa shamhraidh bhon a thill e. Bidh cuimhne aige gu bràth air an turas a bh’ aige.”  Màthair bhalaich aig a’ champa shamhraidh, 2017.

 

  • 07584855846
  • Dunmaglass, Struy, Beauly, Inverness-shire, IV4 7JX

Tachartasan ri thighinn

There are no upcoming events.

Clàraich airson an cuairt-litir

We use the donation system ‘Stripe’ as used by GoFundMe – you can find out more about this here

Photos by the Shieling Project, Mhairi Baird, George Logan and David Powell