Campa Dhìuc Dhùn Èideann: Duais Òir (DofE)

Bidh sibh a’ togail bhothain a tha math airson an àrainneach, ag ionnsachadh seann chleachdaichean, a’ còcaireachd pizza agus a’ rùrach lusan fiadhain. ’S e cothrom air leth math a th’ ann a’ bhith ag ionnsachadh agus a’ fuireach a muigh, agus airson àm a’ chuir seachad còmhla mu’ chuairt an teine. Coinnichidh sibh ri daoine-òga eile bho gach ceàrnaidh de dh’Alba, agus nì sibh càirdean ùra.
Tha clàr-ama làn againn gur cumail trang bho mhoch gu dubh- ann an 2018 thog sinn mullach ùr air am bàthach againn. Bidh sinn a’ deasachadh biadh còmhla ri chèile. Bidh sinn ag obair air a’ chroit tron an latha agus a’ bruidhinn mu na dh’ ionnsaich sinn air an oidhche. Le ceòl. Abair dòigh spòrsail airson Duais Òir fhaighinn!

 

Aite-Fuirich:

Ann an 2018 chrìochnaich sinn pròiseact a’ thug trì bliadhna airson bothain-àirigh ùr a thogail air an làrach againn. Bha iad air an dealbhachadh, air an togail agus an cur còmhla le Northwoods Construction bho Ulapul. Tha sia bothain còmhdaichte le stàilinn againn, le trì leapannan-bunca anns gach bothan. Tha seo a’ toirt dhuibh àite fuirich fasgach, sìmplidh agus bòidheach airson ur turas. Fhuair sinn beachd-smuainean airson na bothain againn bho a’ bhith coimhead air bothain tiona, taighean, sgoiltean agus eaglaisean air feadh na Gàidhealtachd . Tha na bothain-àirigh seo air an toirt a-staigh dhan an latha an diugh le uinneagan mòra a tha a’ coimhead gu Deas airson teas fhaighinn bhon ghrèin. Chleachd sinn cuideachd fiodh ionadail, agus nach iad tha coimhead spaideil! Tha sinn an dòchas gun còrd iad ribh cheart cho mòr ’s a tha iad a còrdadh rinn.

 

 

Tha an Campa Duais Òir 2019 bho Didòmhnaich an 11mh (5f) gu Dihaoine an 15mh de ’n Lùnastal (5f), agus ’s urrainn dhuibh clàradh an dràsta. Faodaidh sinn do chuideachadh le bhith gad thogail aig stèiseanan trèana a Manachainn neo Inbhir Nis, neo aig port-adhair Inbhir Nis. Tha an t-seachdain a ‘cosg £250 gach neach. Tha seo a’ gabhail a-steach biadh, àite-fuirich agus goirsean eile. Clàraich an drasta airson 2019.

Ma tha sibh airson tuilleadh fhiosrachadh fhaighinn mu dheidhinn an Campa Duais Òir Dhiùc Dhùn Èideann, cuiribh fios gu Sam.

  • 07584855846
  • Dunmaglass, Struy, Beauly, Inverness-shire, IV4 7JX

Tachartasan ri thighinn

There are no upcoming events.

Clàraich airson an cuairt-litir

We use the donation system ‘Stripe’ as used by GoFundMe – you can find out more about this here

Photos by the Shieling Project, Mhairi Baird, George Logan and David Powell

[:SC]