Caite bheil Pròiseact na h-Àirigh?

Tha Pròiseact na h-Àirigh ri lorg aig Dunmaglass ann an Gleann Shrath Farair. Tha dà rathad diofraichte ann airson ar ruighinn: bhon a’ Mhanachainn neo bho Druim na Drochaid. Ma bhios thu a’ tighinn bho thuath neo bho ’n ear, bi thu a’ tighinn troimh’ a’ Mhanaichainn agus a’ tionndaidh dhan an A831, a tha a’ sealltainn soighne gu Struy is Cannich. Ma bhios thu a’ tighinn bho ’n Iar bith thu a’ tionndaidh dhe an A82 aig Druim na Drochaid agus a’ dol troimhe Cannich air an A831.

Co dhiu, draibh troimh’ baile beag bìodach, Struy, agus an uairsin tionndaidh far an rathad nuair a chì thu am bogsa fòn dearg.

As deidh 100m sìos an t-slighe seo, chì thu pàirc-chàraichean. ’S urrainn dhut do chàr fhàgail an seo agus coiseachd suas gu Dunmaglass, neo cum a’ dol a’ draibheadh ma tha an càr agad freagarrach gu leòr. Bidh e 15 gu 20 mionaidean ma bhios thu a’ coiseachd an còir dhe ’n t-slighe.

’S e an seoladh againn:

Pròiseact na h-Àirigh

Druim Ghlas

An t-Srùigh

A’ Mhanachain

IV4 7JX.

Na cleachd an SatNav, cha chuidich e thu! Ma tha trioblaid sam bith agaibh, cuir fon thugainn air 07584855846

  • 07584855846
  • Dunmaglass, Struy, Beauly, Inverness-shire, IV4 7JX

Tachartasan ri thighinn

There are no upcoming events.

Clàraich airson an cuairt-litir

We use the donation system ‘Stripe’ as used by GoFundMe – you can find out more about this here

Photos by the Shieling Project, Mhairi Baird, George Logan and David Powell