Biadh

Tha a bhith còcaireachd ar biadh fhèin aig cridhe na pròiseact an seo aig An Àirigh. Tha e a’ toirt cothrom dhuinn obrachadh còmhla ri chèile; ag ionnsachadh mu bhiadh agus ithe gu fallain, agus mu bhith a deasachadh agus ag ithe biadh blasda. Bidh sinn feuchainn am biadh againn fhèin fhaighinn bho àiteachan ionadail agus organach, agus bi sinn ag amas air a’ bhith toirt seachad clàr-bidhe simplidh, cothromaichte. Bidh seo a’ gabhail a-staigh biadh na ràithe agus lusan rùrach fiadhain – sin lusan a’ ghabhas an cruinneachadh agus ithe. Tha sinn airson ’s gun ionnsaich sibh tuilleadh mu dheidhinn cò as a bheil am bainne agus an fheòil a bhitheas sibh ag ithe a’ tighinn le bhith an sàs anns an obair againn. Ged a bhios sinn ag àrach an stoc againn fhèin, chan fheum sibh bainne, uighean is càise neo feòil ithe. Gheibh sibh uile cothrom bruidhinn mi dheidhinn dè cho ceart neo cho ceàrr agus a tha e bhith ag ithe feòil – na rudan a tha math, neo dona, mu dheidhinn.

Seo eisimpleir dhen chlàr-bidhe a th’ againn. Tha sinn toilichte obrachadh còmhla ribh airson an clàr ath- chruthachadh le biadh air a bheil sibh feumach, agus as toigh leibhse.

Breacaist: Gràinean breacaist agus tost (Bidh sinn a’ dèanamh an aran againn fhèin)

Biadh Meadhain Latha: Pìosan, measan, flapjacks, criospan fàlainn

Dìnear: Spaghetti Bolognese, neo pizza (anns an amhainn pizza a thog sinn fhèin), burgairean air a’ dhèanamh leinn fhèin, curry chearc, pàidh èisg

  • 07584855846
  • Dunmaglass, Struy, Beauly, Inverness-shire, IV4 7JX

Tachartasan ri thighinn

There are no upcoming events.

Clàraich airson an cuairt-litir