The Shieling Project

Bringing the Highland landscape alive for young people and teachers

Tursan Òigridh

‘S e beatha sìmplidh a th’ ann am beatha na h-àirighe ann an dòigh: a’ cuallach na sprèidhe agus a’ bleoghainn, a’ còcaireachd agus a’ glànadh, ag ionnsachadh, a’ coiseachd na monaidhean is coilltean agus a’ cluich còmhla.

“I thought it was a good day because I was happy; I learnt, I laughed, I played” P7 pupil.

Tesco Bags of Help Kids Beauly Pic.  Trevor Martin

Pic. Trevor Martin

Ma thig sibh dhan àirigh, gheibh sibh a-mach mu dheidhinn a bhith a’ gearradh agus a’ tiormachadh na mòine. Càraidh sibh bothan na h-àirighe. Trusaidh sibh lusan airson a bhith dathadh chlòimhe. Gheibh sibh a-mach mu dheidhinn breabadaireachd agus mu dheidhinn a bhith ag obair le clòimhe. Ionnsaichidh sibh mu dheidhinn na h-ainmean àite a tha gur cuartachadh agus sgrìobhaidh sibh bàrdachd agus sgeulachdan mu dheidhinn an t-àm agaibh air an àirigh. Nì sibh mapa air an àite agus bheir sibh sgrùdadh air lùsan agus beathaichean mun cuairt oirbh. Bidh sibh cuideachd a’ bleoghainn bò againn agus a’ dèanamh ìm agus caise. ‘S ann glè choltach ris an àirigh fhèin a tha an campa againn, agus mar sin, ‘s e àite anabarrach luachmhòr a th’ ann airson a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn a bhith togail bothain ann an dòigh seasmhach. Bidh sinn a’ toirt sùil air na rudan a bhios sinn a’ tilgeil a-mach gu làitheil agus an cumhachd, a ’b urrainn dhuinn uile a chaitheamh ann an dòigh nas èifeachdaiche. Bidh sinn cuideachd a’ cur craobhan airson taic a chur ris a’ choille a tha gar cuartachadh anns a’ ghleann.

img_2570

Tha sinn a’ tabhainn tursan airson clàsaichean de fichead sgoilear s’ a trì deug: bho aois naoi bliadhna gu ruige ceithir bliadhna deug a dh’ aois. Bidh sinn a’ tarraing ri chèile eachdraidh, cruinn-eòlas, saidheansan, cànan is iomairtean, fòghlum ann an leasachadh sheasmhachd agus saoranachd na cruinne, agus thèid a h-uile rud a tharraing còmhla ann an doigh spòrsail, cuimhneachail do’n chlann. Tha sinn an-dràsta a’ tabhainn tursan fad latha; ceangailte ri pròiseactan nas mòtha a thathar a’ gabhail os làimh anns na sgoiltean mar-tha. Bidh sinn a’ tabhainn tursan fad seachdainn san àm ri teachd, mar as treasa a dh’ fhàsas sinn air an àirigh. Nach cuir sibh fios thugainn airson barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn prìsean, neo airson turas a chur air dòigh leinn.