The Shieling Project

Bringing the Highland landscape alive for young people and teachers

Ionnsachadh Proifeiseanta

Tha Pròiseact na h-Àirighe a’ tabhainn aithneachadh proifeisanta le Comhairle Choitchinn Teagaisg na h-Alba àithneachadh proifeiseanta leis a’ Chomhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (GTCS) airson luchd-teagaisg ann an Ionnsachadh airson Seasmhachd.

“Our school is in a beautiful situation and we’ve got shielings all over, which means that we can be out and about, we can be doing literacy, drama, maths, we can be making all the links with farming culture, and it’s very relevant. The course has really made me question how we use the outdoors and helped me to understand how we can have that fluid nature of learning. Sometimes we can be too structured and too contrived in our planning and learning.” Local Headteacher

Ann an 2014, chaidh a’ phròiseact àithneachadh mar a’ chiad bhuidheann a lìbhrigeas prògram den leithid fad bliadhna aig ìre Mhaighstireach. Tro bùthan-obrach gnìomhach agus le taic a’ leanntainn aig an sgoil agaibh fhèin, cuidichidh am prògram sibh a bhith fìor chomasach ann a bhith nur stiùiriche Ionnsachaidh airson Seasmhachd. Tha dà bhuidheann de luchd-teagaisg an sas air a’ phrògram, agus toisichidh an treas buidheann gu foirmeil as Bealtaine 2016. Tha an luchd-teagaisg a tha air a bhith an sas ann air an eòlas aca a thaisbeanadh aig ìre naiseanta, agus tha air an eòlas a fhuair iad a thoirt air aghaidh gus pròiseactan a stèidheachadh anns na sgoiltean aca fhèin. Thathar an-dùil s’ an dòchas gum bi na pròiseactan seo a’ maireachdainn fada mar sin. Leis a seo, bidh a’ chlann a’ toirt sùil gheur air litearrachd, coimhearsnachdan seasmhach, agus an t-àite a th’ aig a’ Ghàidhlig anns an àrainneachd.

Prof Rec 1

Tro goireasan luachmhòr, taic agus cothroman, air a thabhainn dhuibh le Pròiseact na h-Àirighe; gheibh sibh misneachd agus togaidh sibh sgìlean agus beachdan ùr a chuidicheas sibh gus foghlum beòthail, brìghmhòr san àrainneachd a lìbhrigeadh fad ur beatha proifeiseanta. Ach nas cudromaiche buileach, tha sinn a’ toirt cothrom dhan fheadhainn a tha a’ gabhail pàirt (agus na clasaichean aca) gus cèilidh a chur oirnn air an àirigh airson beagan laithean, airson na beachdan is na cleachdaidhean aca a bha air ùr-bhrosnachadh air a’ chùrsa fheuchainn a-mach. ’S e cothrom air leth a tha ann ur n-eòlas ùr a chur gu feum ann an àrainneachd taiceil, ach a bharrachd air a sin, ‘s e cothrom a th’ ann turas iongatach a chruthachadh airson a’ chlann.

Tha teisteanas còig bliadhna air a thabhann tron phrògram, bho Chomhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba. A thuilleadh air sin, dh’ fhaodadh an luchd-teagaisg iarraidh air Oilthigh na Gàidhealtachd s’ nan Eilean (OGE) airson an cuid creideas ionnsachaidh, air Cùrsa an Fhoghlaim aig ìre Mhaighsteireach. Nach cuir sibh fios thugainn airson barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn prìsean, neo airson turas a chur air dòigh leinn.

2 Comments