The Shieling Project

Bringing the Highland landscape alive for young people and teachers

Goireasan Ionnsachaidh

Nuair a chuireas sibh àite air dòigh leis a’ phròiseact, cuirear pasgan de ghoireasan thugaibh, agus an cois seo, gheibh sibh DVD agus leth-bhreac chruaidh làn de bheachdan agus eacarsaichean ionnsachaidh a dh’ fhaodadh sibh chleachdadh aig an sgoil agaibh. Gheibh sibh a-steach do na goireasan againn air loidhne, a thuilleadh air a’ Mhap-blog againn.

schools

Bheir an DVD seo fiosrachadh dhuibh mu dheidhinn a’ phròiseact agus mu dheidhinn làrach a’ phròiseact. Cuiridh e cèistean oirbh leis na tiotalan a leanas: Cruth na Tìre, Cànan agus Biadh. Bheir am pasgan dhuibh molaidhean de leasanan, ceanglaichean feumail agus goireasan airson a dhol a dh’ ionnsaigh na cèistean sin: an dà chuid a-staigh agus a-muigh. Mar eisimpleir: Biadh (dh’ fhaodadh sibh cèistean a chur air a’ chlann mu dheidhinn mìltean-shiubhail bìdhe, a’ sabhaladh airgead, a’ dèanamh planaichean airson biadh, agus a’ ceannachd biadh airson an turas seachdainne agaibh air an àirigh), Cruth na Tìre (a’ sìreadh àirighean faisg oirbh agus ag ionnsachadh mun deidhinn, tuathanasan agus margaidean thuathanach, geo-eòlas bunaiteach air fearann àrd, cruinn-eòlas agus èic-eòlas), Cànan (a’ cur eòlas air bàrdachd na h-àirighe, òrain agus na h-ainmean-àite).

Bhideothan

Ri fhaotainn a dh’ aithghearr

Goireasan air loidhne airson na sgoiltean a tha ag obair air a’ phròiseact

A’ lùghdachadh sìos

Bruth an-seo gus am Mapblog fhaicinn

’Se blog agus mapa a th’anns a’ ‘Mhap-blog’. Seo far a sgrìobhas na sgoilearan mu na dh’ ionnsaich iad, agus chì iad na tha sgoilearan eile a’ dèanamh anns an sgìre aca fhèin