The Shieling Project

Bringing the Highland landscape alive for young people and teachers

An Sgioba

Tha coimhearsnachd mòr againn a tha gar cuideachadh gus Pròiseact na h-Àirighe a ruith: luchd-obrach, stiùirichean, coimhearsnachd na sgìre, luchd-maoineachaidh agus luchd-stèidhichidh agus, gu dearbh, tha sibhse gar cuideachadh!

Sgioba a’ Phròiseact:

me BiogDr Sam Harrison tha an t-Ollamhan Sam Harrison na mhìn-eòlaiche Foghluim Cò-cheangailte ri Àite. Tha e air a bhith na stiùiriche ionnsachaidh a-muigh ann an Alba bho chionn deich bliadhna, agus tha e a’ toirt tlachd dha a dhol a-mach do’n dùthaich còmhla ri buidheannan sgoile. Tha sàr threanadh air a bhith aig Sam- bho teisteanasan stiùiridh a-muigh gu Ceum Maighstireach ann an Èic-eòlas nan Daonnachdan agus PhD ann an Foghlum Cò-cheangailte ri Àite. Tha Sam ag amas air tuigse a thoirt do luchd-teagaisg is sgoilearan mun buintealas a tha eatorra agus an àite far a bheil iad a’ fuireach agus ag obair. Na bheachdsan, ’s e na tha a’ tachart a-muigh a tha a’ brosnachadh an ceangal eadar muinntir na sgìre agus an àite agus mar sin, tha seo a’ toirt buaidh air cleachdaidhean sheasmhachd a’ choimhearsnachd air an fhearann, agus tha e ag àrdachadh moit a-measg na daoine. Tha e gam brosnachadh gus na dleasdanasan aca do’n sgìre ionadail a ghabhail. Tha fianais ann gu bheil seo a’ toirt ùrachadh air inntinn is bodhaig dhaoine a bharrachd air a bhith a’ toirt fallaineachd dhan àite gu h-ecologaigeach. Tha Sam air iomadach dòigh-obrach a chur gu feum airson na h-amasan aige a choileanadh: ag obair le sgoiltean airson na comasan aca a bhrosnachadh gus am fearann a tha gan cuartachadh a chleachdadh mar sheòmar- ionnsachaidh, agus bidh e a’ gabhail a-steach an coimhearsnachd agus an àrainneachd gu h-ionadail airson a bhith mar phàirt dheth. Bidh e a’ ruith cùrsaichean treanaidh airson luchd-teagaisg agus a’ cur ri leasachadh rannsachaidh is leasachadh poileasaidh ann an “Ionnsachadh airson Seasmhachd. ‘S e Sam a thoisich Pròiseact na h-Àirighe sa chiad dol a-mach.

Rachel pic Rachel Butterworth has a background in politics, music, conservation and food education. After gaining her degree in Music and Politics from the University of Southampton, Rachel worked for the Department for Education in London for two years and moved to the Scottish Highlands in 2010. There, she worked as an Iron Age re-enactor and later trained as a conservation ranger. Rachel is interested in ‘care crofting’, where vulnerable adults are given the opportunity to work on crofts. Rachel’s passion for education has been at the heart of all her work, and she is one of Nourish Scotland’s first ‘Food Leaders’ and also a qualified Woodland Activity Leader. Since 2014, Rachel has led food education projects across Scotland and been a crofter on the northwest coast.

Stiùirichean a’ Phròiseact:

Shieling reconstruction

Sam Harrison Ach tha sibh air gu leòr a leughadh mu dheidhinn mar-thà!

jeanTha Jean Langhorne na h-urrasair air urras an fhoghluim Speygrian, a tha ag amas air dòighean chruthachail a shìreadh airson a bhith tarraing daoine a-mach gus a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn a’ bhlàr a-muigh anns an àrainneachd fhèin. Tha an t-Urras ag amas air caochlaidhean a chur an òrdugh dha daoine aig ìre phearsanta agus proifiesienta agus mar sin, thèid caochladh air seallaidhean dhaoine air a’ bhuintealas a tha eadar mac an duine agus an saoghal nàdarrach. www.speygrian.org.uk Tha ùidh aig Jean gu sònraichte ann an saidhc-eòlas dhaoine atharrachadh airson s’ gum fàsadh iad mothachail air trioblaidean àrainneachd cò-cheangailte ri atharrachadh na gnàth-shìde. Tha i na neach-cuideachaidh proifiesienta agus neach-treanaidh àithnichte air a’ Chùrsa Chòmhraidhean Charboin. Tha seo stèidhichte air a’ bheachd gun gabh beachdan dhaoine atharrachadh s gun gabh iad uallach mun dlùth-cheangal pearsanta agus trioblaidean na h-àrainneachd. www.carbonconversations.org Tha i an-dràst’ a’ dèanamh ceum Maighstireach ann an Àrainneachd, Cultar agus Conaltradh aig an Sgoil Ionnsachaidh Eadar-dreuchdail an Oilthigh Ghlaschu.

karenCheumnaich Karen Marshall bho Oilthigh Ghlaschu le BSC ann an Ceimigeachd agus Ceimigeachd Leighis. Roimhe sin, rinn i cùrsaichean ann an Ceimigeachd na h-Àrainneachd agus Arc-eòlas, a thug buaidh mòr oirre airson a chumail oirre. Rinn i ceum an uair-sin ann an teagasg aig Oilthigh Srath Chluaidh agus tha i air a bhith a’ teagasg Saidheans agus Ceimigeachd air a’ Ghàidhealtachd aig ìre na h-àrd sgoile bho 2007. ’S e bu mhiann leatha gnothaichean atharrachadh a thaobh amasan agus feallsanachd foghlaim, agus thug siud oirre a’ leantainn oirre le Foghlam agus an Àrainneachd. Tha Karen a-nis a’ dèanamh MSc ann an Ionnsachadh airson Seasmhachd. Tha seo a’ gabhail a-steach saoranachd na cruinne, foghlam àrainneachdail, foghlam air a’ bhlàr a-muigh, slàinte is fallaineachd agus foghlam airson leasachadh sheasmhach.

Buidheann Chomhairle:

Tha am buidheann Chomhairle a’ toirt taic agus comhairle ad hoc dhuinn a thaobh diofar roinnean obrach againn.

Thòisich an t-Ollamh Ùisdean Cheape a’ chùrsa iar-cheum MSc Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd aig Sabhal Mòr Ostaig. Bidh e a’ teagasg air a’ chùrsa sin cuideachd. Tha e na cathraiche rannsachaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd s’ nan Eilean. Thàinig an MSc a-mach às an obair tasgaidh agus an obair eitneolais a rinn e thar fichead bliadhna s’ a trì deug na dhreuchd aig Taighean Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba (1974-2007). Na b’ fhaide air adhart na dhreuchd, bha e na Phrìomh Neach-Tasgaidh anns an Roinn na h-Alba agus na h-Eòrpa. Tha e air rannsachadh a dhèanamh agus leabhraichean a chur an clò air eitneolas agus cèol; Eachdraidh Àiteachais na h-Alba; structaran dhualchainnt; pìobaireachd; an t-èideadh Gàidhealach agus dàthadh; creadhaireachd; seuntan, geasan, draoidheachd agus chreideasan co-cheangailte riutha.

robertRugadh Robert Livingston ann an Glaschu, far an deach fhoghlamachadh. Bha e a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd airson còrr is fichead bliadhna, agus tha sàr eòlas aige a fhuair e thar dà fhichead bliadhna le bhith a’ leasachadh agus a’ lìbhrigeadh na h-ealainean. Tha uidh sònraichte aige ann an ealain agus cultar mar dhòigh èifeachdach gus ionnsaigh a thoirt air trioblaidean sòisealta. Bha e na stiùiriche air HI-Arts: buidheann leasachaidh airson na h-ealainean, stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Bidh e ag obair eadar a dhachaidh air Cnoc na h-Eaglaise agus Dùn Èideann; far a bheil e ag obair pàirt-ùine mar Stiùiriche aig Sgàthan Sgìreil na h-Alba A-measg seirbhisean eile, bidh am buidheann seo a’ ruith an Screen Machine: taigh dealbh air cuibhlean a bhios a’ dol gu bailtean iomallach air feadh na h-Alba. Bidh e a’ ruith buidheann chomhairle chultarail aige fhèin: Kirkhill Associates.

pamTha Pam Rodway air a bhith ag obair air tuathanasan organach agus ann an teagasg ùireach bho’n a dh’ fhàg i an Oilthigh ann an Dùn Eideann tràth anns na seachdadan. Thairis air na bliadhnaichean, tha i air thachairt ri iomadh duine a thug buaidh mòr oirre: a’ bhean-uasal Eve Balfour, Wendell Berry, Carlo Petrini agus Satish Kumar; fhad ’s a bha i fhèin ag obair ann am foghlam, a’ dèanamh obair sòisealta saor-thoileach, ag iomairt airson biadh nas fhèarr agus ag obair ann an àiteachas. Tha Pam den bheachd gum bi an conaltradh as cruthachaile, as togarraiche eadarainn nuair a bhios na rudan cudromach nar beatha a’ ruith còmhla. Tha croitearachd organach, bathar bainne ionadail agus biadh math aig cridhe beatha Pam agus cleachdaidh i a h-uile roinn seo na beatha airson a bhith ag altram a teaghlach fhèin a’ cheart uiread ris na coimhearsnachdan anns a bheil i air a bhith a’ fuireach thar na deicheadan. Tha Pam air a bhith ag obair airson Comann na h-Ùireach bho 2003, agus tha i na manaidsear aig Ceanglaichean Chroitearachd; a bhios ag obair gu dìcheallach gus drochaid a thogail eadar daoine òga, an dualchas aca, agus na coimhearsnachdan anns a bheil iad a’ fuireach. Tro’n obair sin, bidh na daoine òga a’ cur, a’ buain agus còcaireachd mu iomadach seòrsa glasraich, measan agus gràn bho ’n ghàrradh. A thuilleadh air a sin, bidh iad ag ionnsachadh mu chultar nan croitearan, agus ag amharc chun an àm ri teachd agus ’s iad ’n dòchas a bhith ri croitearachd fhathast.

brian’ S e arc-eòlaiche a th’ ann am Brian Wilkinson agus tha ùidh aige gu sònraichte ann an leasachadh choimhearsnachd, ann an ionnsachadh agus ann a bhith a’ toirt seachad dùthchas gu buidheannan ùra. Tha e an-dràsta ag obair mar Oifigear Gnìomhachd na h-Alba air a’ phròiseact “Britain from Above” aig a’ Choimisein Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba, agus roimhe sin, bha e ag obair air “Eachdraidh Iomallach na h-Alba”- pròiseact arc-eòlais a’ choimhearsnachd aig a’ Choimisein Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Mar phàirt den seo, thug e sgrùdadh air bailtean eachdraidheil, iomallach le sgoiltean is buidheannan saor-thoileach air fad is meud na dùthcha. Thug seo dha eòlas farsaing a thaobh a bhith tarraing luchd-èisteachd a-steach do’n obair: a’ clàradh agus a’ mìneachadh comharran chroitearachd ann an doigh cruthachail, gnìomhach. Tha Brian a’ ruith seirbhis chomhairle, ag obair air a’ cheann fhèin airson foghlum eachdraidheil cò-cheangailte ris an àrainneachd a thabhainn do’n phoblach. Tha e na charaid do’n Chomunn Àrsairean na h-Alba, agus tha e na stiùiriche den bhuidheann Arc-eòlais na h-Alba.

Julie bioTha Julie Wilson na stiùiriche aig ìre naiseanta air Curraicealam airson Sàr-mhathais a tha air a thoirt gu buil tro foghlum is cur-seachadan a-muigh. Bidh i a’ dealbhadh treanadh luchd-teagaisg agus ionnsachadh proifiesienta . Tha eòlas farsaing aig Julie air obair thar diofar roinnean obrach: companaidhean is buidheannan agus a’ togail compàirteachas làidir, seasmhach eatorra. Steidhich i an Lìon Naiseanta airson Ionnsachadh is Cur-seachadan a-Muigh agus bha i na Cathraiche do’n Bhuidheann Nàiseanta aig Riaghaltas na h-Alba gus Ionnsachadh is Cur-seachadan a-Muigh a thoirt gu buil. Tha i a’ leanntainn oirre a’ cur taic ri coimhearsnachdan ionnsachaidh proifiesienta a tha an lùib foghlum a-muigh agus foghlum cò-cheangailte ris an àite. Bha Julie na prìomh ball den Bhuidheann Ministreil Sgoiltean na h-aon Chruinne agus den bhuidheann sgrìobhaidh a chruthaich an t-aithisg “Ionnsachadh airson Seasmhachd.” Tha i na ball den UNDESD CLD Ministeireil Implementation Group agus bidh i a’ leanntainn oirre ag obair gu dlùth ri Comhairle Choitcheann Theagaisg na h-Alba airson a bhith a’ leasachadh “Ionnsachadh airson Seasmhachd,” a tha a’ leanntainn na riaghailtean ùra airson luchd-teagaisg agus stiùirichean fhoghluim eile. ‘S i am prìomh ùghdar den leabhar “Going Out There,” agus thathar a’ cleachdadh seo mar Structar airson Cleachdadh Sàbhailte air Tursan air Falbh bho’n ionad foghlum àbhaisteach. Tha Julie an-dràsta ag obair mar Cheannard an Fhoghluim do’n Charthannas Albannach: Cum Alba Alainn.

Coimhearsnachd, Luchd-maoineachaidh is Luchd-stèidhichidh:

Tha a’ phròiseact seo ann an compàirteachas le:

Urras Rìoghail Foghlam na Gàidhealtachd (RHET)

Foghlam Alba

A thuilleadh air seo, tha sinn air taic, comhairle agus ais-mholadh fhaotainn bho sàr-eòlaichean, bho na buidhnean a leanas:

Taigh Tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd

Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba

The Belladrum Estate and the Belladrum Tartan Heart Festival

Tha Pròiseact na h-Àirighe stèidhichte air Oighreachd an t-Strùigh, agus tha sinn air leth fortunach taic fhaotainn bho’n teaghlach Spencer-Nairn, agus cuideachd bho Eagle Brae: gnìomhachas ionadail a tha air cliù a bharrachd air duaisean a chosnadh mar gnìomhachas thurasachd a tha baidheil do’n àrainneachd.

photo%203

‘S e iomairt sòisealta a th’ ann am Pròiseact na h-Àirighe. ‘Sin as coireach gum bi sinn ag iarraidh airgead bhuaibh airson na seirbhisean againn ach thèid an t-airgead gu lèir a chur gu feum anns a’ phròiseact. Thèid sgrùdadh bhliadhnail a thoirt air a’ bhuaidh a tha am pròiseact a’ toirt air a’ choimhearsnachd gu h-ionadail. Thig am maoineachadh thugainn mar thiodhlacan airgid aig fior-toiseach na h-iomairtean againn agus tha sinn air taic fhaotainn bho:

The Big Lottery Fund

lottery_logo

HIE

hie-logo

The Heritage Lottery Fund

Heritage lottery fund

The Crerar Hotels Trust

crerar hotels trust

Tescos Bags of Help

Bags_For_Help_LogoTesco has teamed up with greenspace scotland to launch its Bags of Help initiative in Scotland. The scheme will see three community groups and projects in each of these regions awarded grants of £12,000, £10,000 and £8,000 – all raised from the 5p bag charge. Bags of Help offers community groups and projects in each of Tesco’s regions across the UK a share of revenue generated from the five pence charge levied on single-use carrier bags. The public will now vote in store from 27 February until 6 March on who should receive the £12,000, £10,000 and £8,000 awards.

SSE Highland Sustainable Development Fund

The Hugh Fraser Foundation

The People’s Postcode Lottery

Scotmid Community Grants

scotrail   ScotRail Foundation managed by Foundation Scotland

BnaG - Dathan - JPEG  Bòrd na Gàidhlig