The Shieling Project

Bringing the Highland landscape alive for young people and teachers

Campaichean Shamhraidh

’S e cothrom a th’ anns na campaichean shamhraidh gus pàirt a ghabhail ann am Pròiseact na h-Àirighe. Tha campaichean ann; bho seachdainean teaghlaich gu campaichean airson chlann de 10 gu 12 bliadhna a dh’ aois. Fàsaidh sibh cleachdte ris an obair agus ris an ruitheam air an àirigh ann an ùine nach bi fada, agus cuiridh sinn geall gun còrd e ribh uile!

img_2798

Campa: Cinn-latha:
An t-luchar 2017
Prìsean: Aois:
Seachdain Saor-thoileach 2mh – 7mh £350 Inbhich
Campa Shamhraidh airson Teaghlach 9mh – 14mh £600 gach teanta de sianar Pàrantan is clann 8-10
Campa Shamhraidh 16mh – 21mh £250/clann 10-12 bliadhna a dh’ aois
Campa Shamhraidh 23mh – 28mh £250/clann 10-12 bliadhna a dh’ aois

Seachdain Saor-thoileach
Thigibh agus cuidich sinn ann a bhith a’ neartachadh Pròiseact na h-Àirighe! Bidh sinn a’ togail a’ bhàthach, an taigh-bainne agus na ballaichean fhòid as ùr. Bidh sinn a’ peantadh; a’ cladhach; neo a’ togail an todhar- tha obair ceart againn dhuibh g’ e b’ e dè thogras sibh. Gabhaidh sibh air ur socair aig deireadh an là ri taobh an teine; riaraichte leis na shoirbhich sibh tron là. Ma dh’ fhaoidte gum bi glainne fìon ri làimh cuideachd!

img_2734

Campa Shamhraidh airson Teaghlach
Thigibh leis a’ chlann a-mach do na gleanntan fiadhaich, àlainn an Srath Farair. Bidh gu leòr aca ri dhèanamh tron là fhad’s a ghabhas sibhse air ur socair. Dh’fhaodadh sibh cuairt a ghabhail air na bruthaichean; dh’ fhaodadh sibh basgaid a dhèanamh. Dh’ fhaodadh sibh aran a dhèanamh anns an àmhainn againn taobh a-muigh. Ma dh’ fhaoidte gum b’ fhèarr leibh a bhith ann gun sian ri dhèanamh. Bidh an luchd-obrach a’ toirt gu leòr dhuibh airson ur làmhan a chumail trang, mar sin is leigidh sibh ur n-inntinn ma sgaoil. Bidh a’ chlann a-mach a’ cur eòlas air a’ ghleann. Bidh iad a’togail fàsgaidhean; a’ coimhead as dèidh na beathaichean; agus a’ lorg lusan, cnòthan is eile anns a’ghleann a ghabhas ithe. Aig deireadh an là, bidh sinn a’ cruinneachadh tac’ an teine airson naidheachdan innse mu na sgrìoban againn.

Campa Shamhraidh
Dè bhios ur clann ris as t-samhradh air an àirigh? Bidh iad a’ togail fàsgaidhean, a’ còcaireachd, a’ coimhead as dèidh na beathaichean agus a’ dèanamh tiodhlacan is cuimhneachain bho na rudan a lorgas iad anns a’ ghleann. Bidh sibh cinnteach gum bi iad sabhailte fhad’s a ghabhas sibh air ur socair. ’S e turus fad seachdain a tha seo loma-làn de thachartsan spòrsail agus tha na tachartsan anns am bi ur clann an-sas a’ togail misneachd annta; ’s iad air falbh bho’n dachaidh agus bho am pàrantan. Tha eòlas aig gach duine san sgioba ann a bhith a’ lìbhrigeadh foghlum a-muigh. Bidh ur clann làn naidheachdan a’ tìlleadh dhachaidh, fìu’s ged a bhios iad còmhdaichte le phuill!

img_2819

Tha na campaichean a’ ruith bho feasgar Didòmhnaich, agus bidh sibh saor gus falbh air feasgar haoine. Bidh ur n-àite-fuirich ann an teantaichean chanabhais. Bidh sibh a’ gabhail biadh agus a’ còcaireachd ann an teantaichean chanabhais mòra agus mar sin tha sinn ’n dòchas gum faigh sibh beagan faothachadh bho’n uisge is bho na meanbh-chuileagan!

Cuiribh 50% den phrìs uile gu lèir thugainn airson àite a chur air dòigh:

sam@theshielingproject.org