The Shieling Project

Bringing the Highland landscape alive for young people and teachers

Beatha dhaoine air an Àirigh

Seo imrich an t-sluaigh do’n mhointich as t-samhradh, leis an cuid crodh. Bha pàirt anabarrach cudromach aig an òigridh fhad ’s a bha iad a’ fuireach ann. Ghabhadh iad ri dleasdanasan ùra, agus mar sin, gheibheadh iad tuigse orra fhèin mar dhaoine, a thuilleadh air an tlachd a gheibheadh iad às a’ choille agus às a’ mhointich timcheall orra. Bhiodh iad a’ trusadh fraoch is lusan airson a bhith a’ dathadh cloimhe ; agus a’ togail na mòine. Bhiodh iad a’ togail gu nàdarrach sgeulachdan an sìnnsirean. Bha an àirigh mar phàirt de bheatha an t-sluaigh airson co-dhiù dà mhìle bliadhna ann an cuid de sgìrean ann an Alba, agus tha e fhathast ann an cuimhne dhaoine anns na h-Eileanan an Iar.

old shieling pics

Bha an teaghlach stèidhichte anns a’ bhaile rè a’ gheamhraidh, air fearann ìseal agus bhiodh iad, agus na beathaichean, a’ gluasad bho’n bhaile gu ionaltradh an t-samhraidh air talamh àrd. Bhiodh iad a’ fuireach air an àirigh eadar sià is ceithir seachdainnean deug. ‘S ann anns a’ Chèitein neo tràth anns an t-Òg-Mhìos a bhiodh coimhearsnachdan a’ gluasad còmhla chun na h-àirighe. Bhiodh na teaghlaichean a’ giùlan na bhiodh iad a feum air an druim agus chuireadh iad an àirigh an òrdugh. Thilleadh na fìreannaich an-uairsin chun a’ bhaile a chumail orra le obair shamhraidh. Bhiodh iad a’ càradh agus a’ tughadh nan taighean; bhiodh iad a’ gearradh na mòine agus ga tiormachadh, airson connadh a’ gheamhraidh. Bha na boireannaich agus a’ chlann a’ fuireach air an àirigh fad an t-samhraidh, a’ cuallach nam bò agus a dèanamh cìnnteach gum biodh iad air an ionaltradh a b’ fheàrr, agus a’ dèanamh ìm agus caise. Dh’ innis na daoine a bha air an àirigh gur ‘b ann coltach ri “laithean-saora” a bha e. Bha iad a faighinn ùrachadh inntinn agus bodhaig agus saorsa nach robh thric aca aig a’ bhaile. Tha iomadach òran Ghàidhlig ann a tha a’ mealltainn an saorsa a fhuair iad, agus an dlùth-cheangail a bha aca ris an àite.

Earann bhon ro-ràdh air àirighean, air a sgrìobhadh airson a’ phròiseact, leis an t-Ollamh Uisdean Cheape, Sabhal Mòr Ostaig.

1 Comment